Cruinneachaidhean Gàidhlig
Tha pàilteas de stuthan prìseil Gàidhlig aig an Oilthigh.
Tasglann Sgoil Eòlas na h-Alba

Chaidh Sgoil Eòlas na h-Alba a stèidheachadh ann an 1951 aig Oilthigh Dhùn Èideann airson stuthan ceangailte ri cultar agus dualchas na h-Alba a chruinneachadh, a ghlèidheadh, a rannsachadh agus fhoillseachadh.
Tobar an Dualchais / Kist O Riches

Tha barrachd is 40,000 chlàran-fuaim air an làraich-lìn seo a chaidh a chlàradh ann an Alba agus nas fhaide air falbh, bho na 1930an agus air adhart.
A' Cholaiste Ùr

'S e fear dhe na leabharlannan diadhaireach as motha san Rìoghachd Aonaichte a th' ann an Leabharlann na Colaiste Ùire, agus tha iomadach leabhraichean Gàidhlig na bhroinn.