Gàidhlig aig Oilthigh Dhùn Èideann

Tasglann Sgoil Eòlas na h-Alba

Chaidh Sgoil Eòlas na h-Alba a stèidheachadh ann an 1951 aig Oilthigh Dhùn Èideann airson stuthan ceangailte ri cultar agus dualchas na h-Alba a chruinneachadh, a ghlèidheadh, a rannsachadh agus fhoillseachadh.

School of Scottish Studies Archive

Tha cruinneachadh farsaing aig an Sgoil, le còrr is 33,000 uairean de chlàraidhean-fuaime Gàidhlig is Beurla Gallda, tasglann-deilbh le mìltean de dhealbhan, agus cruinneachadh beag de fhilmichean, bhideothan agus làmh-sgrìobhainnean. 

'S e goireas cudromach do dh'Alba a th' anns na tasglannan, agus faodar an cleachdadh airson rannsachadh, acadaimigeach agus pearsanta, a dhèanamh ann an diofar dhòighean. 

Tadhail air an t-Seòmar-Luirg gus sùil a thoirt air a' chruinneachadh, le bhith a' cleachdadh innealan-cuideachaidh agus catalogan agus le taic bho sgioba eòlaichean na Sgoile. 

Èist ri clàraidhean-fuaime air feadh an t-saoghal tron t-seirbheis-sruthaich. 

Leugh leabhraichean bho Leabharlann Sgoil Eòlas na h-Alba le DiscoverEd. Log a-steach gus iarraidh air leabhar agus cuiridh an sgioba an leabhar sa Phrìomh Leabharlann dhut. 

DiscoverEd

Uairean Fosgailte 

Tha fàilte bhlàth aig an Sgoil air luchd-tadhail agus luchd-rannsachaidh taobh a-staigh agus taobh a-muigh an Oilthigh. Ma tha thu airson tadhal air an Tasglann, nach cuir thu fios dhan sgioba air an t-seòladh-puist-d aig Heritage Collections. 

Seòmar-Luirg: Dimàirt 10m-1f, Diardaoin, 1f-4f

Seirbheis-Sruthaich: Dimàirt-Diardaoin, 10m-4f 

Cuir post-d gu Heritage Collections gus tadhal a chur air dòigh. 

Heritage Collections 

Tha barrachd fiosrachaidh mu shusbaint Tasglann Sgoil Eòlas na h-Alba ri fhaighinn air làrach-lìn a' Phrìomh Leabharlann. 

Sgoil Eòlas na h-Alba 

 

Read this page in English