Plana Gàidhlig
Tha an t-Oilthigh gu bhith a’ cur Plana Gàidhlig air dòigh.
Tha am Plana ag amas air aire a thogail mun Ghàidhlig san Oilthigh agus cothroman practaigeach a chruthachadh airson gun tèid a cleachdadh.
Bòrd na Gàidhlig
Thèid Plana Gàidhlig an Oilthigh air beulaibh Bòrd na Gàidhlig san Iuchar.
Chuir Bòrd na Gàidhlig, buidheann neo-roinneil aig Riaghaltas na h-Alba air a bheil an dleastanas airson adhartachadh na Gàidhlig, a’ chiad Phlana Nàiseanta airson na Gàidhlig air bhog ann an 2007 agus tha e a-nis ag obair air Plana ùr airson 2012-17.
Bidh plana an Oilthigh a’ mìneachadh mar a chuirear am Plana Nàiseanta an sàs ann an Oilthigh Dùn Èideann.
Ceisteachan Gàidhlig
Tha an t-Oilthigh cuideachd an dèidh ceisteachan Gàidhlig a chur air bhog don luchd-obrach agus do dh’oileanaich.
Tha an ceisteachan fosgailte gu Dihaoine 6 Giblean 2012.
Thèid toraidhean a’ cheisteachain a chleachdadh gus na comasan Gàidhlig a th’ ann mar-thà a rannsachadh, còmhla ris na cothroman a th’ ann togail, cleachdadh agus inbhe na Gàidhlig san Oilthigh àrdachadh.
Cha toir an ceisteachan nas fhaide na 10 mionaidean airson a lìonadh a-steach.
Tha tionndadh Gàidhlig den aon cheisteachan ri fhaighinn aig