Pasganan Cànain
Stiùireadh gus pasganan cànan na Gàidhlig a luachadh a-nuas is a stàladh air Office 365 agus CPan an Oilthigh.
Tha Plana Foghlam Office 365 aig an Oilthigh a tha a' ciallachadh gu bheil Office 365 "saor an asgaidh" dha na h-oileanaich is luchd-obrach an Oilthigh. Faodar fios a bharrachd air bathar-bog Microsoft Office ri fhaighinn air an làrach-lìn aig Information Services (IS).
Microsoft Office aig Oilthigh Dhùn Èideann
Lean na ceumannan gu h-ìosal gus pasgan cànain a chur ris a' choimpiutair agad is gus atharrachadh eadar pasganan cànain.
- Fosgail Settings
- Rach gu Time & Language > Add a Language
- Lorg is tagh Gàidhlig anns an liosta
- Dèan cinnteach gu bheil 'Install Language Pack' air a thaghadh
- Tagh Install
Bu chòir dha a bhith ìomhaigh cànain anns a' bhàr-inneil aig bonn do sgàilean air a tha "ENG" dhan Bheurla is "GLA" dhan Ghàidhlig. Briog air an ìomhaigh gus atharrachadh eadar na cànanan.
Lean na ceumannan gu h-ìosal gus dearbhair-litreachaidh Gàidhlig a chur ri CPan an Oilthigh.
- Lorg Software Centre anns a' bhàr-sgrùdaidh
- Lorg 'multilanguage' anns a' bhocsa-sgrùdaidh aig mullach a' bhocsa
- Tagh 'Microsoft Office Multilanguage Proofing Kit 2016'. Tagh is briog Install (faodaidh tu ath-thòiseachadh a dhèanamh air a' choimpiutair)
- Fosgail Microsoft Word
- Anns a' bhàr-inneil, rach gu Review > Language > Set Proofing Language
- Tagh Scottish Gaelic (United Kingdom)
Nì Microsoft Office ceartachaidhean air an teacsa agad a-nis. Tha seo ri fhaighinn air bathar-bog Microsoft Office air fad, a' gabhail a-steach Outlook. Tha an dearbhair-litreachaidh Gàidhlig air Microsoft math airson litreachadh ach bithibh mothachail nach dèan e ceartachaidhean air gràmar an-còmhnaidh.
Lean na ceumannan gu h-ìosal gus dearbhair-lìtreachaidh Gàidhlig a chleachdadh anns a' bhrabhsair seach anns an app. An tòiseach, log a-steach gu Office 365 air loidhne.
- Fosgail sgrìobhan Microsoft Word anns a' bhrabhsair
- Rach gu Review
- Fosgail clàr Editor (ìomhaigh pinn)
- Set Proofing Language > Scottish Gaelic
Tha dearbhair-litreachaidh air stàladh air Office dha Mac. Lean na ceumannan gu h-ìosal gus dearbhair-litreachaidh na Gàidhlig a chleachdadh.
- Rach gu Tools > Language
- Tagh Gàidhlig - Scottish Gaelic
Tha CereProc agus CALL Scotland aig an Oilthigh air inneal teacsa-gu-cainnt Gàidhlig a leasachadh. Faodar an t-inneal seo a chleachdadh gus èisteachd ri Gàidhlig sgrìobhte agus tha e saor-an-asgaidh do dhuine sam bith aig a bheil seòladh puist-d bhon roinn phoblach. Faodaidh tu an guth Gàidhlig a luchdadh a-nuas bho làrach-lìn CALL Scotland.
Guth Gàidhlig air CALL Scotland
Tha an guth Gàidhlig a-nis ri fhaighinn air iPad. Faodaidh tu fios fhaighinn air mar a chuireas tu an guth Gàidhlig ri iPad air làrach-lìn CALL Scotland.
Cuir fios chun IS Helpline airson ceistean IT a bharrachd.