Cearcall Còmhraidh
Bidh Cearcall Còmhraidh an Oilthigh a' coinneachadh gach seachdain tro àm teirm, a' toirt cothrom do luchd-labhairt na Gàidhlig an cuid Gàidhlig a chleachdadh ann an àite spòrsail is neo-fhoirmeil.

Tha fàilte ro luchd na Gàidhlig aig gach ìre dhan Chearcall Còmhraidh aig an Oilthigh. Tha na tachartasan seo fosgailte do dh'oileanaich, luchd-obrach is muinntir na coimhearsnachd.
Cearcall Còmhraidh
Gach Diardaoin 1300-1400 (air loidhne)
Cofaidh is Cabadaich
127 Sràid Nicolson, Dùn Èideann
Bidh sinn a' coinneachadh ann an 2024 air na làithean a leanas:
- 12 An t-Sultain
- 10 An Dàmhair
- 24 An Dàmhair
- 7 An t-Samhain
Dòchas gum faic sinn ann sibh!
Ann an co-bhonn ri Capital Gaelic.
Cuir fios gu Oifigear na Gàidhlig nam bu thoil leat tighinn dha na coinneamhan air loidhne, no ma tha ceistean agad.