Eachdraidh na Gàidhlig aig an Oilthigh
Bhon a stèidhich sinn a' chiad Chathair Ceiltis ann an Alba ann an 1882 gu leasachadh AI sa Ghàidhlig ann an 2023, tha eachdraidh fhada agus chliùiteach aig Oilthigh Dhùn Èideann a thaobh na Gàidhlig.
Tha sinn dhen bheachd gu bheil a' Ghàidhlig a' cur ri coimhearsnachd an Oilthigh againn ann an dòigh air leth cudromach, gu h-eachdraidheil agus san latha an-diugh. Faigh a-mach mu sgeul na Gàidhlig aig an Oilthigh air an duilleag seo.
A' chiad choinneamh aig Comann Oiseanach Oilthigh Dhùn Èideann, a tha air an t-ainm an Comann Ceilteach a chleachdadh bho 1851, an comann as fhaide a tha air a bhith a’ ruith san Oilthigh.
Tha an Comann Ceilteach fhathast gnìomhach an latha an-diugh, a' cur tachartasan air dòigh agus a' toirt coimhearsnachd ri chèile airson oileanaich aig a bheil a' Ghàidhlig agus a tha ga h-ionnsachadh aig an Oilthigh.
Chaidh Cathair na Ceiltis a stèidheachadh, a’ chiad tè de a seòrsa ann an Alba. ’S e an t-Ollamh Dòmhnall MacFhionghain à Colbhasa a’ chiad neach aig an robh e.
Tha Cathair na Ceiltis a-nis ga chumail leis an Ollamh Rob Dunbar.
Uilleam MacBhràtair, an sgoilear ainmean-àite, air ainmeachadh mar Chathair na Ceiltis.

Cruinneachadh tasglann MhicIlleMhìcheil-MhicBhatair de dh’òrain, sgeulachdan agus beul-aithris traidiseanta air fhàgail mar dhìleab dhan Oilthigh.
Tha an Cruinneachadh MhicIlleMhìcheil-MhicBhràtair stèidhichte air an obair aig Alasdair MacIlleMhìcheil (1832-1912), a tha air cliù a chosnadh airson an cruinneachadh de dh'òrain, bàrdachd, beannachdan is sgeulachdan a dh'fhoillsich e ann an "Carmina Gadelica".
Rannsachadh airson Suirbhidh Cànanach na h-Alba a’ tòiseachadh, fo stiùireadh an Ollamh Coinneach Jackson.
Sgoil Eòlais na h-Alba air a stèidheachadh gus stuthan co-cheangailte ri traidiseanan cultarach agus beul-aithris na h-Alba a chruinneachadh, a ghlèidheadh, a rannsachadh agus fhoillseachadh.
Cheannaich Sgoil Eòlais na h-Alba làmh-sgrìobhainnean Eliza Ross, an cruinneachadh as tràithe de cheòl Gàidhealach nach robh air fhoillseachadh.

Somhairle MacGill-Eain (1911-1996), bàrd agus sgrìobhadair Gàidhlig, air ainmeachadh mar Sgrìobhadair Cruthachail air Mhuinntireas oifigeil an Oilthigh.
Rugadh agus thogadh Somhairle MacGill-Eain air Eilean Ratharsair, agus chaidh e gu Oilthigh Dhùn Èideann an toiseachd mar oileanach ann am Beurla.
Tha MacGill-Eain air cliù a chosnadh airson a bhàrdachd, anns an robh e a' rannsachadh eachdraidh, poilitigs, gaol, cruth-tìre agus cogadh.
Chaidh toraidhean Suirbhidh Cànanach na h-Alba fhoillseachadh fo stiùireadh an Ollaimh Uilleam Gillies agus an Ollaimh Cathair Ó Dochartaigh.
Ceiltis agus Eòlas na h-Alba air an cur còmhla gus aon roinn a chruthachadh.

Pròiseact Tobar an Dualchais / Kist o Riches a’ tòiseachadh leis an amas 12,000 uair a thìde de stuthan a chruinnich Sgoil Eòlais na h-Alba bho 1951 a chur ann an cruth didseatach agus gus cothrom a thoirt dhan phoball air.
'S e goireas air loidhne a th' ann an Tobar an Dualchais, a' toirt a-steach clàraidhean bho trì cruinneachaidhean: Sgoil Eòlas na h-Alba, Cruinneachadh Cannaigh, agus tasglann BBC Radio nan Gàidheal. Lorgaidh tu claraidhean air an làrach-lìn Tobar an Dualchais.
A’ chiad Phlana Gàidhlig aig an Oilthigh air fhoillseachadh.
A' leantainn air a' chiad phlana, dh'fhoillsich an t-Oilthigh an dàrna Plana aca ann an 2019. Tha am plana againn a' cur an cèill an dà chuid na bhios an t-Oilthigh a' cur ri Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 agus tha e a' dol nas fhaide na am frèam-obrach laghail sin, leis an amas gus faicsinneachd agus cleachdadh na Gàidhlig a bhrosnachadh air an àrainn agus sa bhaile mhòr air fad.
Ceum ùr ann an Teagasg Bun-sgoile agus Gàidhlig a’ tòiseachadh.
Is e an cùrsa seo an solaraiche as motha de thidsearan bun-sgoile Gàidhlig ann an Alba a-nis. Tha dà slighe ann, fear dha oileanaich aig a bheil Gàidhlig mar-thà, agus fear dha oileanaich a tha nan luchd-tòiseachaidh sa chànan.
Seachdain Gàidhlig Dhùn Èideann air a stèidheachadh ann an co-obrachadh le Comhairle Baile Dhùn Èideann leis an amas coimhearsnachd Ghàidhlig Dhùn Èideann a chomharrachadh.
Tha Seachdain na Gàidhlig ann an Dùn Èideann a-nis ga chumail aig an aon àm ri Seachdain na Gàidhlig air fad, gach bliadhna sa Ghearran.
An t-Oilthigh a’ cur an dreuchd bàrd, ùghdar agus sgeulaiche cliùiteach Màrtainn Mac an t-Saoir mar a’ chiad Sgrìobhadair Gàidhlig air Mhuinntireas.
Bidh Màrtainn Mac an t-Saoir a' cumail tachartasan Gàidhlig agus bùithtean-obrach sgrìobhaidh tron bhliadhna dha oileanaich, luchd-obrach agus muinntir na coimhearsnachd. Cumaibh do shùilean air na duilleagan sòisealta againn airson fiosrachadh mu na tachartasan ri thighinn.
Màrtainn Mac an t-Saoir aig an Oilthigh
A’ cleachdadh stuthan bho Thasglann Sgoil Eòlais na h-Alba, thòisich luchd-rannsachaidh Oilthigh Dhùn Èideann air pròiseact inneal aithneachaidh cainnt Gàidhlig AI còmhla ri BBC Alba agus Oilthigh Ghlaschu.
Iomairt AI a’ toirt cothrom na Fèinne dhan Ghàidhlig san linn dhidseatach