Gàidhlig aig Oilthigh Dhùn Èideann

Òr do Oileanach Oilthigh Dhùn Èideann aig Co-fharpais Seann Nòis na Fèise Pan Cheilteach

Thug Alice Nic a' Mhaoilein à Leòdhas a' chrùn dhachaigh às dèidh a coileanadh aig an Fhèis Pan Cheilteach Eadar-nàiseanta bliadhnail ann an Ceatharlach, Èirinn.

University of Edinburgh student Alice Macmillan with her award

Bha Ms Nic a' Mhaoilein a' farpais an aghaidh buannaichean Mòd Rìoghail Nàiseanta 2020 is 2022, agus na h-ionann cho-fharpaisean ann an Èirinn agus a' Chuimrigh, an tOireachtas agus Eisteddfod, airson an duais chliùiteach a chosnadh. 

Bha Ms Nic a' Mhaoilein, a choisinn Buinn Òr an t-Seann Nòis aig a' Mhòd 2022, a' riochdachadh na h-Alba còmhla ri buannaichean dhen Bhuinn Òr eile, Calum MacColla agus Emma NicLeòid. 

Mealaibh ur naidheachd Alice agus gach co-fharpaiseach à Alba. 

Fèis Pan Cheilteach Eadar-nàiseanta 

'S e tachartas fad sheachdain a th' anns an Fhèis Pan Cheilteach Eadar-nàiseanta, a nì fèill air cultar is cànan nan sia dùthchannan Ceilteach: Alba, Èirinn, A' Chuimrigh, A' Bhreatann Bheag, Eilean Manainn, agus A' Chòrn. 

Tha an fhèis bhliadhnail, a thèid a cumail an t-seachdain às dèidh na Càisge agus ann an Ceatharlach am bliadhna, a' gabhail a-steach sreath de cho-fharpaisean leithid pìobaireachd, dannsa, clàrsach, agus seinn aon-neach is coisir. Am measg nan tachartasan iomaill, bha òraidean, taisbeanaidhean, ceòl beò, agus caismeachd Pan Cheilteach. 

Gheibhear fios a bharrachd mun Fhèis Pan Cheilteach Eadar-nàiseanta air an làrach-lìn aca. 

Fèis Pan Cheilteach Eadar-nàiseanta