Riaghladh
Thèid Plana Gàidhlig an Oilthigh a lìbhrigeadh bho 2019-2024 agus bidh e air a chomasachadh le Oifigear Gàidhlig an Oilthigh, le taic agus stiùireadh bho Bhuidheann-obrach a’ Phlana Ghàidhlig.

Tha Buidheann-ghnìomha a' Phlana Ghàidhlig (BGPG) air a dhèanamh suas de riochdairean bho gach cuid taobhan acadaimigeach agus seirbheisean proifeiseanta an Oilthigh, agus tha riochdaire ann cuideachd bho Chomann Oileanaich Oilthigh Dhùn Èideann.
Buidheann-ghnìomha a' Phlana Ghàidhlig
Bidh an BGPG, an uair sin, ag aithris air adhartas le lìbhrigeadh a’ Phlana Ghàidhlig do Chomataidh Dleastanas Seasmhachd, Catharra is Sòisealta gu leth-bhliadhnail, no mar a thèid iarraidh.
Tha Comataidh Dleastanas Seasmhachd, Catharra is Sòisealta na Comataidh comhairleachaidh aig Luchd-riaghlaidh an Oilthigh, a bhios a’ cur ri cruthachadh amasan ro-innleachdail an Oilthigh agus a’ cumail sùil mar a thèid am buileachadh agus lìbhrigeadh.
Comataidh Dleastanas Seasmhachd, Catharra is Sòisealta
Isla Parker
Gaelic and Community Relations Officer
- Stakeholder Relations
- Communications and Marketing
Contact details
- Email: isla.parker@ed.ac.uk